Oifigear Gàidhlig: Jayne Nicleòid
"Tha an dreuchd ùr seo mar Oifigear Gàidhlig a’ toirt cothrom cumhachdach dhuinn a bhith a' neartachadh na Gàidhlig, le bhith ag obrachadh taobh a-staigh UHI a Tuath, An Iar is Innse Gall, agus le buidhnean Gàidhlig eile."
"Is mise Jayne NicLeòid agus ’s ann à Nis, ann an Ceann a Tuath Leòdhais a tha mi. Tha mi fortanach gun d’ fhuair mi cothrom BA ann an Cànan agus Cultar na Gàidhlig aig UHI a dhèanamh agus gum b’ urrainn dhomh an cùrsa sin a dhèanamh gu tur ann an Gàidhlig aig Colaiste a’ Chaisteil.
An dèidh a bhith ag obair anns na Meadhanan Gàidhlig airson 19 bliadhna, tha mi a’ faireachdainn làidir mu bhith a’ brosnachadh cànan agus cultar na Gàidhlig agus mu bhith a’ misneachadh dhaoine a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig cho mòr ’s a ’s urrainn dhaibh anns a h-uile suidheachadh agus àrainneachd.
Leis gu bheil mi a’ tighinn bho choimhearsnachd làidir Ghàidhlig, tha dualchas, cànan agus cultar an-còmhnaidh air a bhith na phrìomhachas agus bu chaomh leam seo fhaicinn a’ cumail a’ dol. Tha an dreuchd ùr seo mar Oifigear Gàidhlig a’ toirt cothrom cumhachdach dhuinn a bhith a' neartachadh na Gàidhlig, le bhith ag obrachadh taobh a-staigh UHI a Tuath, An Iar is Innse Gall, agus le buidhnean Gàidhlig eile.
Tha a bhith a’ neartachadh na Gàidhlig taobh a-staigh an oilithigh a’ toirt cothrom sònraichte a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha mi a’ faireachdainn gu math èasgaidh mu dheidhinn agus tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr a bhith a’ cluich pàirt ann a bhith a’ toirt prìomhachasan Plàna na Gàidhlig gu buil."