Colaiste gu bhith ag obair ann an com-pàirteachas le coimhearsnachdan a bhruidhneas a’ Ghàidhlig

Tha UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall air gealltainn taic a thoirt do bharrachd dhaoine gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh, a leasachadh agus a chleachdadh le bhith a’ fastadh a’ chiad oifigear Gàidhlig aice agus a’ foillseachadh a’ chiad Phlana Gàidhlig aice.

Leugh sa Bheurla | Read in English

Tha a’ cholaiste, leis an dùmhlachd as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba na roinn obrachaidh, air a suidheachadh a neartachadh mar ionad acair airson a’ chànain agus curraicealam tro mheadhan na Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd agus Innse Gall. 

A’ bruidhinn mun phlana aig tachartas an-diugh (Dimàirt 24 Gearran) aig àrainn Steòrnabhaigh, thuirt Lydia Rohmer, Prionnsapal agus Ceannard: “Tha pàirt chudromach againn ri chluich ann a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig mar phàirt de dhualchas cànain is cultarail ar coimhearsnachdan. Tha sinn airson taic a thoirt do bharrachd dhaoine gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh, a leasachadh agus a chleachdadh mar phàirt den ionnsachadh aca, nan coimhearsnachdan agus nam beatha obrach. 

“Bidh mi cuideachd air leth toilichte fàilte a chuir air Jayne NicLeòid chun sgioba luchd-obrach againn nuair a thig i còmhla rinn mar a’ chiad Oifigear Gàidhlig againn an ath mhìos. Tha eòlas farsaing aice air adhartachadh agus taic a thoirt do chànan is cultar na Gàidhlig, agus tha mi cinnteach gu neartaich i na ceanglaichean againn le coimhearsnachdan fhad ’s a bhios i a’ stiùireadh lìbhrigeadh a’ phlana àrd-amasach seo.” 

Tha a’ Ghàidhlig mar-thà na prìomh raon speisealachd don cholaiste, agus tha am plana ùr ag amas air a’ churraicealam a leudachadh gu raointean ùra agus taic a thoirt do fhàs anns na h-Eileanan Siar agus air feadh a raon obrachaidh. 

Dh’aontaich Bòrd UHI Tuath,an Iar is Innse Gall Ro-innleachd Gàidhlig ùr airson na colaiste an-uiridh. Mhìnich Uilleam MacDhòmhnaill, Iar-chathraiche: “Tha cànan, cultar agus dualchas na Gàidhlig cudromach airson fàs curraicealaim, agus tha an Ro-innleachd Gàidhlig againn a’ mìneachadh cruth ar dòigh-obrach a thaobh leasachadh agus lìbhrigeadh cànan, dualchas agus cultar na Gàidhlig thairis air na ceithir bliadhna a tha romhainn - tha am Plana Gàidhlig againn a’ sealltainn mar a lìbhrigeas sinn seo. Tha mi misneachail le bhith a’ toirt a’ cholaiste agus a’ choimhearsnachd còmhla gun urrainn dhuinn luach ar dualchas Gàidhlig a chomharrachadh agus brath a ghabhail air.” 

Tha am Plana Gàidhlig ùr a’ togail air planaichean a bh’ ann roimhe a chaidh a thoirt air adhart le na colaistean a bha ann ron seo le prìomhachasan bh’ air an aontachadh le Bòrd na Gàidhlig. Tha am Plana a’ mìneachadh mar a thèid gach prìomhachas a lìbhrigeadh agus a’ comharrachadh nan gnìomhan a tha a dhìth. 

Chaidh Plana Gàidhlig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall ullachadh a rèir nan slatan-tomhais reachdail a tha air an cur a-mach ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus bha co-chomhairle phoblach ann. Faic agus luchdaich sìos am plana. Tha lethbhric chlò-bhuailte rim faighinn cuideachd air iarrtas.