Dotaireachd Urramach ga bhuileachadh le UHI air an t-sreapadair creige, Dave MacLeòid, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail
Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) air dotaireachd urramach chliùiteach a bhuileachadh air Daibhidh MacLeòid, sreapadair-creige proifeasanta, coidse agus ùghdar, a tha ainmeil air feadh an t-saoghail, mar chomharra air na choilean e gu sònraichte ann an sreap, a dhìcheall a thaobh foghlam, agus a cheangal domhainn ri Gàidhealtachd na h-Alba.
Mar aon de na h-urraman as àirde air a bhuileachadh leis an oilthigh, chaidh an dotaireachd urramach a thoirt seachad aig cuirm cheumnachaidh UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall, an-diugh (Dihaoine 7 Samhain) aig Ionad Nibheis anns a' Ghearasdan.
Stèidhichte air a’ Ghàidhealtachd, tha Dàibhidh air a bhith na phrìomh fhigear ann an saoghal sreap chreagan airson còrr is 30 bliadhna. Aithnichte gu h-eadar-nàiseanta airson a choileanaidhean, tha e air ceudan de chiad dhìridhean a chrìochnachadh air feadh na Roinn Eòrpa. Am measg nan sreapan as ainmeile aige, tha na sreapan ùr-ghnàthach Rhapsody air Creag Dhùn Bhreatainn agus Echo Wall air Beinn Nibheis.
A bharrachd air a chùrsa-beatha sreap iongantach, tha Dave air a chuid eòlais a cho-roinn tro choidseadh, sgrìobhadh agus susbaint ioma-mheadhanan. Tha na leabhraichean as fheàrr a reic aige air trèanadh sreap agus casg leòntan air a dhèanamh mar aon de na daoine as earbsaiche agus as cliùitiche sa choimhearsnachd sreap.
Thug Daibhidh seachad a’ phrìomh òraid aig a’ chuirm cuideachd, a’ roinn comhairle agus beachdan bhon chùrsa-beatha iongantach aige. Thuirt e ri ceumnaichean:
“Is e urram mo dhotaireachd urramach, mi fhìn a ghairm mar cho-cheumnaiche còmhla ribh uile. Tha mi nam choidse, agus mar sin is e an rud as fheàrr leam fhaicinn an toileachas agus an lùth a tha aig daoine òga.
“Tha mi air faighinn a-mach nach eil an lùth agus an toileachas ach air a dhol am meud nam bheatha bho cheumnaich mi an toiseach 22 bliadhna air ais, agus mar sin tha mi dìreach airson ur brosnachadh gu bheil a h-uile coltas ann gum bi ur beatha cuideachd nas inntinniche, nas brosnachail agus nas buannachdail bho seo a-mach, gu h-àraidh air sgàth an àrd-ùrlair, an t-àite tòiseachaidh foghlaim a thog sibh dhuibh fhèin leis na sgrùdaidhean agaibh an seo aig UHI.”
Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI:
“Chan e a-mhàin gun do phut Dave MacLeòid na crìochan sreap ach cuideachd gun tug e air ais don choimhearsnachd, a’ cumhachdachadh chàich gu na h-amasan sreap aca a leantainn gu sàbhailte agus gu h-èifeachdach.
“Tha a dhìcheall a thaobh sàr-mhathas ann an sreap agus a dhealas do bhith ag adhartachadh an spòrs tro fhoghlam, trèanadh agus ùr-ghnàthachadh, nam feartan dha bheil sinn moiteil a bhith a’ toirt urram an-diugh.”