Dùbhlan nam Breacan do dh’oileanaich UHI a’ tabhann duais de £1,500
Chaidh dùbhlan a thoirt do dh’oileanaich bho air feadh com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean (UHI) breacan a dhealbhadh agus cothrom a bhith aca duais airgid luach £1,500 a bhuannachadh.
Tha Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HIE) air a’ cho-fharpais a chur air bhog gus 60 bliadhna a chomharrachadh bho chaidh a’ bhuidheann leasachaidh roinneil (ris an canadh Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig an àm sin) a stèidheachadh san t-Samhain 1965.
Bu chòir don tagradh a bhuannaicheas a bhith na shamhla air tabhartas HIE do leasachadh roinneil, iomairt agus cruth-atharrachadh eaconamach. Bu chòir dha dearbh-aithne shònraichte mhuinntir, àite, dualchas agus cultar na sgìre a nochdadh.
Feumaidh am breacan ùr a bhith gun samhail agus thèid a chlàradh le Clàr Bhreacain na h-Alba. Cumaidh HIE còraichean seilbh inntleachdail an tartain ùir agus cleachdaidh iad e ann am branndadh stuthan sanasachd agus bathar.
Thuirt Stiùbhart MacIlleDhuibh, Àrd-Oifigear HIE:
“Tha sinn air leth toilichte a bhith ag obair còmhla ri UHI air a’ ghnìomh seo gus 60 bliadhna de leasachadh roinneil a chomharrachadh. ’S e dòigh mhath a th’ ann air a h-uile rud a chaidh a choileanadh san roinn a chomharrachadh bho chaidh Bòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, a thàinig roimhe, a stèidheachadh, agus aig an aon àm a bhith a’ brosnachadh cuid de chudromachd chultarail na sgìre againn.”
Thuirt Vicki Nairn, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair UHI:
“Tha cruthachalachd agus ùr-ghnàthachadh aig cridhe UHI, agus tha an dùbhlan seo na chothrom air leth dha na h-oileanaich againn an dà chuid a thaisbeanadh. Tha com-pàirteachas UHI a’ còmhdach thar roinnean a tha beairteach ann an dualchas agus cultar, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn mar a chuireas oileanaich an dearbh-aithne sin an cèill tro na dealbhaidhean aca.”
Tha an dùbhlan fosgailte do dh’oileanaich làn-ùine is pàirt-ùine air feadh com-pàirteachas UHI, a dh’fhaodas com-pàirt a ghabhail leotha fhèin no ann an sgiobaidhean suas ri triùir. Is e Disathairne 31 Faoilleach 2026 an ceann-latha airson tagraidhean agus thèid am buannaiche ainmeachadh sa Ghearran 2026.