Oifigearan poileis an eilein a’ neartachadh sgilean Gàidhlig le OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall

’S iad oifigearan poileis am buidheann as ùire às na h-Eileanan Siar a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig air-loidhne tro na cùrsaichean Gàidhlig làn-mhaoinichte aca, le taic bho Bhòrd na Gàidhlig.

see full size image
Inspector Euan Cowan and Chief Inspector Ross McCartney

Tha am prògram a’ toirt cothrom do dh’oifigearan ceanglaichean nas làidire a thogail leis na coimhearsnachdan a tha iad a’ frithealadh agus aig an aon àm a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an seirbheisean poblach. Tha e cuideachd a’ toirt taic dhaibh a bhith a’ chleachdadh a’ chànain nan eadar-obrachadh làitheil aig an obair agus taobh a-staigh nan coimhearsnachdan aca.

Gu ruige seo ann an 2026, tha 127 oileanach air clàradh air cùrsaichean maoinichte le Bòrd na Gàidhlig aig OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall, a’ gabhail a-steach luchd-obrach bho OGE, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, NHS nan Eilean Siar agus Poileas Alba. Tha cùrsaichean cuideachd air an tabhann an-asgaidh do phàrantan le clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt An t-Àrd-Cheannard Ross McCartney, Ceannard Sgìreil airson nan Eileanan Siar: “Tha sinn a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha dualchas is cultar nan Eileanan Siar agus tha sinn airson seo a ghabhail os làimh cho mòr ’s as urrainn dhuinn, gus a bhith a’ comharrachadh nan coimhearsnachdan anns a bheil sinn a’ fuireach agus ag obair.

“Tha triùir oifigearan an-dràsta a’ dèanamh a’ chùrsa agus bu mhath leam taing a thoirt do OGE Ceann a Tuath, an Iar is Innse Gall agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic. Leanaidh sinn oirnn a’ tabhann a’ chothroim seo do dh’oifigearan a tha an dàrna cuid a’ gluasad dha na h-eileanan no a tha stèidhichte an seo mu thràth, agus a tha airson Gàidhlig ionnsachadh.

“Tha sinn a’ faicinn seo chan ann a-mhàin mar chothrom dha na h-oifigearan againn an cànan ionnsachadh, ach cuideachd mar dhòigh air cnapan-starra a lùghdachadh a thaobh obair poileis agus neartachadh co-leanailteachd coimhearsnachd le bhith ag àrdachadh comas cànain nan oifigearan ionadail a th’ ann mar-thà sa chànan.”

Thuirt Angela Weir, Òraidiche Gàidhlig aig OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall:

“Tha sinn air leth toilichte fàilte a chuir air oifigearan Poileas Alba bho na h-Eileanan Siar chun phrògram Gàidhlig air-loidhne againn. Tha ionnsachadh na Gàidhlig mu dheidhinn barrachd na dìreach cànan, tha e mu dheidhinn a bhith a’ gabhail ri cultar, dualchas is dearbh-aithne nan eilean. Tha sinn an dòchas gun cuidich an iomairt seo oifigearan gus ceanglaichean a neartachadh leis na coimhearsnachdan a tha iad a’ frithealadh agus gum brosnaich e barrachd cleachdadh den Ghàidhlig ann am beatha phoblach.”

Thuirt Ealasaid MacDhòmhnaill, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte faicinn an àireamh dhaoine sna seirbheisean poblach againn a tha dealasach mun Ghàidhlig ionnsachadh tro OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall. Tha e a’ comharrachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith comasach air a bhith an sàs gu h-èifeachdach sna coimhearsnachdan againn. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas dhaibh air an turas ionnsachaidh cànain.”

Is iad na h-oifigearan a tha an-dràsta a’ gabhail pàirt anns a’ chùrsa Ulpan:

  • Àrd-neach-sgrùdaidh Ross McCartney, stèidhichte ann an Inbhir Nis
  • Neach-sgrùdaidh Euan Cowan, stèidhichte ann an Steòrnabhagh, à Annan sna Crìochan o thùs
  • PC Suzanne Blackie, stèidhichte ann am Barraigh, à Lodainn

Tha cothroman ionnsachaidh Gàidhlig a bharrachd gan lìbhrigeadh do luchd-obrach na roinne phoblaich agus do bhuill a’ choimhearsnachd mar phàirt den phrògram nas fharsainge agus thèid an cur air bhog a dh’aithghearr.

Tha an obair seo a’ toirt taic do sholarachadh Gàidhlig nas fharsainge aig OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall, a’ gabhail a-steach prògraman ceuma agus Teagasg tro Mheadhan na Gàidhlig PGDE, a’ cuideachadh le bhith a’ cumail suas agus a’ leasachadh na Gàidhlig airson ginealaichean ri teachd.

Gus tuilleadh fhaighinn a-mach mu na cùrsaichean goirid Gàidhlig againn tadhail air.