
Tha sinn a’ comharrachadh Seachdain Phreantasachd na h-Alba 2026
#ScotAppWeek26
Barrachd Chothroman
’S e colaiste agus oilthigh a th’ annainn nach eil coltach ri gin eile. Faigh a-mach na cothroman leis an raon fharsaing de chuspairean againn agus còrr is 300 cùrsa air an cumadh leis an àite, a’ chultar agus feumalachdan eaconamach na Gàidhealtachd a Tuath agus an Iar, an Eilein Sgitheanaich agus Innse Gall.
Barrachd Àiteachan
Le 19 àrainnean agus ionadan air feadh na Gàidhealtachd a Tuath agus an Iar, an Eilein Sgitheanaich, agus Innse Gall, tha sinn moiteil foghlam a thoirt nas fhaisge ort.
Barrachd Taic
Bho thaic phearsanta gu stiùireadh acadaimigeach, tha sinn an seo gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom agad air na goireasan agus an taic a dh’ fheumas tu gus soirbheachadh, an dà chuid anns an t-seòmar-sgoile agus taobh a-muigh na sgoile.
A’ toirt cumhachd do dhreuchdan san roinn lùtha
Com-pàirtich le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall gus taic a thoirt do ghluasad na h-Alba gu neoni lom tro sgilean, foghlam, rannsachadh agus ùr-ghnàthachadh.
Mar cholaiste agus oilthigh, agus mar phrìomh sholaraiche sgilean, foghlaim agus rannsachaidh anns na coimhearsnachdan againn, bidh UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall ag obair còmhla ri fastaichean agus roinnean gnìomhachais gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine air loidhne-phìoban tàlant treas ìre gu tur gus taic a thoirt don roinn lùtha uaine.
Faigh a-mach tuilleadh mun obair againn taobh a-staigh roinn na lùtha >
Cùrsaichean goirid le UHI a Tuath, an Iar Innse Gall
Tha na cùrsaichean goirid againn a’ toirt a-steach roghainnean air-loidhne, air an àrainn agus stèidhichte air obair agus tha iad a’ dol bho thrèanadh gnìomhachais air a stiùireadh le fastaichean gu ionnsachadh cànain is cultar na Gàidhlig.
ha mòran chùrsaichean air an leasachadh le fastaichean gus dèiligeadh ri feumalachdan sgilean roinneil, gu h-àraidh ann an roinnean mara, lùtha agus cladaich, a’ cuideachadh bhuidhnean gus sgilean an luchd-obrach aca a leasachadh le teisteanas aithnichte.
Plana na Gàidhlig air fhoillseachadh
Colaiste as ùire na h-Alba ag obair ann an com-pàirteachas le coimhearsnachdan Gàidhlig ann an oidhirp gus ath-bheothachadh a thoirt don chànan.
Tha UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall air gealltainn taic a thoirt do barrachd dhaoine gus Gàidhlig ionnsachadh, a leasachadh agus a chleachdadh le bhith a’ fastadh a’ chiad oifigear Gàidhlig aca agus a’ foillseachadh a’ chiad Phlana Gàidhlig aca.
Faigh a-mach tuilleadh.