susbaint
A three-part photographic collage framed by white cross shapes: a woman singing and playing an acoustic guitar, a man using a laptop in a library, and the Aignish Farm Raiders Monument on the Isle of Lewis—two tall, tapered stone pillars standing on a grassy hill under a cloudy sky.

Plana na Gàidhlig 2025-2030

“Obraichidh sinn ann an com-pàirteachas gus cuideachadh le bhith ag ath-bheothachadh na Gàidhlig san roinn againn”

Na prìomhachasan againn:

  • Cothroman na Gàidhlig a mheudachadh le bhith:
    • Ag obair le buidhnean poblach agus coimhearsnachdan
    • Ceanglaichean eadar a’ Ghàidhlig agus cosnadh a neartachadh
    • Ar raon chùrsaichean a leudachadh agus a leasachadh
  • Ionnsachadh na Gàidhlig a mheudachadh le bhith:
    • A leasachadh cùrsa tràth-bhliadhnaichean 
    • A toirt taic do chultar agus dualchas mar mhaoin coimhearsnachd
    • A leudachadh ar com-pàirteachas le e-sgoil
  • Gàidhlig a bhrosnachadh le bhith:
    • A’ leasachadh eòlasan bogaidh do dh’oileanaich
    • A’ lìbhrigeadh foghlam is trèanadh iar-cheumnach do Oifigearan Leasachaidh na Gàidhlig
    • A’ glacadh soirbheachas agus buaidh

FAIC PLANA NA GÀIDHLIG 2025-2030

susbaint

"Tha an dùmhlachd as àirde de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba san roinn againn. Mar phrìomh sholaraiche foghlaim treas ìre, tha pàirt chudromach againn ann a bhith a’ comharrachadh na Gàidhlig mar phàirt de dhualchas cànain is cultarail ar coimhearsnachdan agus ann a bhith a’ toirt taic don tabhartas a th’ aice do fhàs is gnìomhachd eaconamach."

Lydia Rohmer, Prionnsapal agus Ceannard

susbaint

Ro-innleachd na Gàidhlig 2024-2029

“Tha a’ Ghàidhlig bunaiteach don eiteas againn agus don roinn a tha sinn a’ frithealadh”

Na h-amasan ro-innleachdail againn:

Coimhearsnachd agus dualchas | Curraicealam agus rannsachadh | Eaconamaidh na Gàidhlig

  • Ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh air feadh na roinne agus gu didseatach
  • Taic a thoirt do leasachadh cultar agus dualchas mar choimhearsnachd agus mar mhaoin eaconamach
  • Ceanglaichean a leasachadh agus a neartachadh eadar a’ Ghàidhlig agus comas cosnaidh
  • Taic agus misneachd a thoirt do luchd-labhairt falaichte/inbhich a tha a’ tilleadh gu fileantachd

FAIC RO-INNLEACHD NA GÀIDHLIG 2024-2029

Calanais Standing Stones