Àite sònraichte airson fuireach agus ionnsachadh
Tha barrachd ann an Uibhist na dìreach coimhead air eòin agus tràighean – tha e na àite beòthail làn beatha, gnìomhachd agus cultar.
Coimhearsnachd le Gàidhlig agus traidisean beairteach ann an ceòl, cànan agus ealain, tha Uibhist a’ tabhann àrainneachd dha-rìribh brosnachail. ’S e àite a th’ ann far a bheil cultar, cruthachalachd agus coimhearsnachd a’ tighinn còmhla gus eòlas ionnsachaidh sònraichte agus beairteach a chruthachadh.
Tha Uibhist a’ tabhann raon nas fharsainge de chothroman ionnsachaidh – bho chùrsaichean ann an ceòl, dannsa, ealain agus Gàidhlig, gu teisteanasan foghlaim àrd-ìre agus adhartach air-loidhne suas gu ìre iar-cheumnach.
- Cuir fios thugainn
- Lean UHI Uibhist a Tuath, an Iar is Innse Gall air Facebook
Liam Crouse
Ghluais Liam, oileanach PhD agus fear-smàlaidh ionadail, gu Uibhist à Rhode Island, Na Stàitean Aonaichte, gus e fhèin a bhogadh sa Ghàidlig
“’S e cànan beò a th’ anns a’ Ghàidhlig an seo agus ’s e seo aon de na beagan àiteachan a tha air fhàgail san t-saoghal far a bheil i air a bruidhinn sa choimhearsnachd.”
Faigh a-mach mu na h-ionadan againn
Taigh Chearsabhagh
Ionnsaich ealain aig Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath, le cothrom air àite stiùidio proifeasanta, gailearaidh, bùth-obrach clò-bhualaidh agus seòmar dorcha. Tha na cùrsaichean a’ gabhail a-steach:
- Ealain is Dealbhadh: Dealbhan-Beatha is Dealbhan-Figeir agus Clò-bhualadh (Ìre 6 SCQF)
- Ealain is Dealbhadh NC (Gnìomhachasan Cruthachail)
- BA (le Urram) Ealain Bhrèagha
Faigh a-mach tuilleadh mu Thaigh Chearsabhagh, Taigh-tasgaidh agus Ionad Ealain agus na tachartasan is na taisbeanaidhean a tha ri thighinn.
Cnoc Soilleir
Ionnsaich aig Cnoc Soilleir, Uibhist a Deas, goireas a chaidh a thogail a dh’aona ghnothach anns a bheil stiùidio dannsa, stiùidio clàraidh ùr-nodha, raon coileanaidh farsaing, seòmraichean cleachdaidh sònraichte, seòmar IT agus leabharlann. Tha talla-èisteachd 200-suidheachan ga thogail cuideachd. Tha na cùrsaichean a’ gabhail a-steach:
- HNC Ceòl a bheir seachad slighe adhartais gu BA (le Urram) Ceòl Gnìomhaichte agus MA Ceòl agus an Àrainneachd
- CPD Àrsaidheachd agus Sgrùdaidhean Ionadail - ionnsaich air an àrainn leis an sgioba àrsaidheachd
- Raon de cheuman Àrsaidheachd - air an lìbhrigeadh air-loidhne leis an sgioba àrsaidheachd gnìomhach againn bho Chnoc Soilleir
- Faigh a-mach tuilleadh mu chlasaichean, tachartasan agus an sgoil samhraidh air a ruith le Ceòlas.
- Cothroman ionnsachaidh tro Cothrom.
Beinn a’ Bhaoghla
Suidhichte ann an teis-mheadhan Innse Gall, tha an t-ionad againn ann am Beinn a’ Bhaoghla na ionad coimhearsnachd beòthail do luchd-ionnsachaidh. Le cothrom air seòmraichean-teagaisg ùr-nodha, seòmar IT, agus àiteachan ionnsachaidh atharrachail. Faodaidh oileanaich an cleachdadh gus taic a thoirt don ionnsachadh aca. Tha an t-ionad a’ cur fàilte air oileanaich bho na leanas:
- Cùrsaichean ìre àrd.
- Cùrsaichean goirid, a’ gabhail a-steach raointean cuspaireil Gàidhlig agus Mara.
- Raon farsaing de chùrsaichean seòmar-teagaisg brìgheil air-loidhne - bho ìre ruigsinneachd gu ìre iar-cheumnach.

Ionnsaich air-loidhne à Uibhist
+ Ionnsachadh sùbailte, taic ionadail
Tha sinn a’ tabhann raon farsaing de theisteanasan air-loidhne - bho NC gu HNC agus HND, troimhe gu ìre ceuma agus iar-cheumnach, le taic phearsanta bho luchd-obrach càirdeil agus eòlach stèidhichte anns na h-ionadan againn ann an Uibhist.
Le roghainnean sgrùdaidh sùbailte agus stiùireadh pearsanta nuair a dh’fheumas tu e, faodaidh tu do sgilean a thogail agus teisteanas a chosnadh a dh’fhosglas dorsan - agus thu fhèin a’ fuireach freumhaichte sa choimhearsnachd agad.
Chloe Steele
Tidsear, pìobaire agus seinneadair Gàidhlig à Uibhist a Deas. Rinn Chloe sgrùdadh air BA (le Urram) Ceòl Gnìomhaichte agus PGDE Bun-sgoile (Gàidhlig) ann an Uibhist.
“Tha ceòl Uibhist na phàirt mhòr de bheatha an seo agus tha a’ choimhearsnachd cho fàilteachail agus taiceil.”
Leo Jackson-Horn
Oileanach Ealain is Dealbhaidh NC
“Tha uimhir a’ dol air adhart an seo – tachartasan, cruinneachaidhean, bàrdachd, ceòl, ealain. Tha a h-uile duine cho fàilteachail agus càirdeil.”
Sgoilearachd Ciùil Uibhist
Gus taic a thoirt do dh’ oileanaich a tha air an tàladh gu Uibhist agus an suidheachadh sònraichte aige, tha Sgoilearachd Ciùil Uibhist 2025 fosgailte do thagraichean bho thaobh a-muigh nan eileanan a tha airson ceòl traidiseanta ionnsachadh aig Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas. Tha an sgoilearachd seo a’ tabhann cothrom a bhith a’ fuireach, ag ionnsachadh agus a’ cruthachadh taobh a-staigh aon de na coimhearsnachdan cultarail as brosnachail ann an Alba.
Sgoilearachdan eile a tha rim faighinn:
Cultar Gàidhlig
Mar choimhearsnachd le Gàidhlig, tha Uibhist a’ tabhann cothrom sònraichte airson thu fhèin a bhogadh anns a’ chànan agus an dualchas cultarail beairteach aice. Co-dhiù a tha thu nad neach-tòiseachaidh iomlan no fileanta mu thràth, tha sinn a’ tabhann measgachadh de chùrsaichean goirid Gàidhlig, rim faighinn air-loidhne agus air an àrainn ann am Beinn a’ Bhaoghla bhon t-Sultain.
Tha sinn cuideachd a’ tabhann measgachadh de phrògraman ceuma Gàidhlig, a’ leigeil leat do eòlas agus do sgilean sa chànan agus sa chultar a dhoimhneachadh.
Bidh ar com-pàirtichean, Ceòlas Uibhist agus e-Sgoil, cuideachd a’ lìbhrigeadh measgachadh de chùrsaichean Gàidhlig tron bhliadhna.
Beatha ann an Uibhist
Faigh tlachd à cruinneachaidhean coimhearsnachd beòthail, oidhcheannan ciùil traidiseanta Gàidhlig, agus cèilidhean a thèid a chumail tron bhliadhna. Tha mìosachan beòthail de thachartasan air an eilean, bho fhèisean bìdh ràitheil gu taisbeanaidhean ealain a bhios a’ comharrachadh cruthachalachd ionadail.
Do luchd-dealasach a-muigh, tha Uibhist a’ tabhann chothroman gun chrìoch, bho chuairtean cladaich àlainn agus a bhith a’ faicinn fiadh-bheatha gu dol fodha na grèine agus tachartasan eileanach nach dìochuimhnich thu.
Faigh a-mach tuilleadh mu bheatha ann an Uibhist agus na cothroman a tha rim faighinn do luchd-còmhnaidh le bhith a’ tadhal air Uibhist Beò.
Àite-fuirich ann an Uibhist
Tha measgachadh de roghainnean àite-fuirich air feadh Uibhist, bho leabaidh is bracaist agus àiteachan-fuirich fèin-fhrithealaidh gu màl thaighean ionadail.
Co-dhiù a tha thu stèidhichte air aon de na h-àrainnean againn no ag ionnsachadh air-loidhne bho na h-eileanan, faodaidh ar luchd-obrach do chuideachadh.

Tha Ionnsachadh ann an Uibhist air a mhaoineachadh le maoin Phlana Aghaidh a thoirt air Dì-shluaghachadh Riaghaltas na h-Alba, air a riaghladh le Comhairle nan Eilean Siar mar phàirt den oidhirp fharsaing airson Sòn Ath-shluaghachadh Uibhist.