Gàidhlig air a chleachdadh le daoine a’ tighinn bho air feadh an t-saoghail airson cùrsa bogaidh air an eilean

Thàinig luchd-labhairt na Gàidhlig, luchd-teagaisg agus muinntir na coimhearsnachd còmhla bho chionn ghoirid airson còig là de ionnsachadh cànain agus cultair air a chur air dòigh le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall.

Ann an co-bhonn le Urras Coimhearsnachd Bhràdhagair agus Àrnoil (UCBA), agus air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, chuir an cùrsa bogaidh fàilte air oileanaich gu Grinneabhat ann am Bràdhagair airson cothrom Gàidhlig ionnsachadh agus chan ann a-mhàin anns a’ chlas. 

Thairis air còig là, bha teagasg aig sàr àrd ìre air a mheasgachadh le tachartasan cultarail, cuairtean, cothrom a bhith a’ coinneachadh luchd-glèidhidh dualchais às an sgìre agus tachartasan air an oidhche a’ ciallachadh gum b’ urrainn don h-uile duine a bhith a’ gabhail pàirt, ag innse mun eòlas agus mun mhisneachd aca fhèin airson a’ chànain. 

Thug am prògram measgachadh de dhaoine ri chèile le diofar ìrean de eòlas agus ceanglaichean ri Gàidhlig, air an toirt còmhla ri linn an ùidh aca sa chànan agus  ann an suidheachadh a’ chànain san àm ri teachd. 

Thuirt an Òraidiche Gàidhlig, Catriona Mhoireach:

"Bha an Sgoil Fhoghair na dheagh chothrom daoine a thoirt còmhla tro mheadhan na Gàidhlig, a’ cruthachadh àrainneachd far am faodadh luchd-ionnsachaidh misneachd a thogail, an sgilean cànain a leasachadh agus eòlas fhaighinn air a’ chànan mar phàirt de bheatha làitheil. Aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, tha a’ cholaiste dealasach a thaobh taic a thoirt do fhàs agus leasachadh na Gàidhlig tro chothroman ionnsachaidh a tha a’ ceangal cànan, cultar agus coimhearsnachd.

"Tha e sònraichte cuideachd a bhith a’ faicinn luchd-com-pàirteachaidh a’ dèanamh ceanglaichean ris a’ choimhearsnachd ionadail, ag ionnsachadh bho luchd-labhairt fileanta agus a’ faighinn barrachd eòlais air cultar agus dualchasan beairteach an eilein. Tha àite cudromach aig an Sgoil Fhoghair ann a bhith a’ brosnachadh barrachd dhaoine gus dlùth-cheangal a dhèanamh ris a’ Ghàidhlig, a’ neartachadh am misneachd agus a’ cruthachadh ceanglaichean maireannach ris a’ chànan agus ris na coimhearsnachdan far a bheilear ga bruidhinn. Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson an taic a tha iad a’ toirt dhuinn."

Thuirt Peigi Ann Shields, Ceannard Gàidhlig agus Coimhearsnachd aig UCBA: 

"Bha sinn cho toilichte Sgoil Fhoghair UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a chur air adhart a-rithist am bliadhna.  Chuir sinn fàilte bhlàth air oileanaich ùra agus oileanaich a bha sinn air coinneachadh ris roimhe. Ged a thòisich an t-seachdain le gèile sgriosail agus gun dealan, cha do chuir sin stad oirnn. Bha e uabhasach fhèin math uidhir den choimhearsnachd againn fhaicinn aig na tachartasan, ag innse mun eòlas aca fhèin agus gus cothrom a thoirt do dh' oileanaich a' chànan a chluinntinn. 

Thuirt i cuideachd: “Tha an t-seachdain luachmhor don choimhearsnachd againn oir tha e a' sealltainn gu bheil Gàidhlig fhathast beò mar chànan làitheil agus gu bheil eòlas traidiseanta prìseil aig daoine.  Chrìochnaich an t-seachdain le consairt air leth a chur Avril Allen air dòigh.  Tha sinn a' coimhead air adhart ris an ath bhliadhna mu thràth.  Tha mi airson mo thaing a thoirt do na saor-thoilich againn, na h-òraidichean agus gu h-àraid do Christine NicLeòid a rinn an teagasg air fad.” 

Bha tè a ghabh pàirt sa chùrsa, Ally NicChoinnich, a thàinig à Lancaster ach aig a bheil ceanglaichean teaghlaich ri Liùrbost ann an Eilean Leòdhais, air a dòigh glan gun robh i a’ dèanamh adhartas a thaobh a cuid Gàidhlig. Thug an t-seachdain misneachd dhi a bhith a’ bruidhinn ri na càirdean aice airson a’ chiad turas bho thòisich i ag ionnsachadh a’ chànain.

Thuirt i: “B' e seo an cùrsa a b' fheàrr a rinn mi a-riamh! Bha na dòighean anns an robh an neach-teagaisg a’ dèanamh na leasanan spòrsail agus fìor chuideachail. Bha na cothroman bruidhinn ri daoine sa choimhearsnachd fìor luachmhòr dhòmhsa. Thug e misneachd dhomh bruidhinn ris na càirdean agam ann an Liùrbost às dèidh a’ chùrsa – airson a' chiad turas bho thòisich mi air Gàidhlig ionnsachadh! Bhruidhinn mi riutha fad na h-oidhche anns a' Ghàidhlig! Bha mi cho toilichte!"

Bha cothrom aig luchd-com-pàirteachaidh a bhith a’ coimhead air ais air mar a chaidh cùisean, a’ sònrachadh cho luachmhòr ’s a tha e a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig ann an àrainneachd far a bheil iad air am bogadh sa chànan, a’ ceangal cànan ris a’ chruth-tìre agus ris a’ chultar, agus a’ coinneachadh ri luchd-labhairt na Gàidhlig a h-uile là. 

Tha an Sgoil Fhoghair soirbheachail air sgàth oidhirpean a h-uile duine a tha an sàs ann. Bho na daoine a ghabh pàirt a bha cho èasgaidh airson ionnsachadh chun an luchd-teagaisg, luchd-glèidhidh dualchais, luchd-labhairt, saor-thoilich, na daoine a chur a h-uile càil ri chèile agus muinntir na coimhearsnachd a thug seachad an cuid ùine agus eòlais. Chuidich a h-uile neach gus an t-seachdain a dhèanamh sònraichte – rud a mhaireas ann an cuimhne dhaoine airson ùine fhathast. 

Bu chaomh le UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall taing a thoirt do UCBA, Bòrd na Gàidhlig agus a h-uile duine a ghabh pairt, a chuidich agus a chur taic ris an t-seachdain. 

Gus an tuilleadh ionnsachadh mu bhith a’ dèanamh Gàidhlig aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, thoiribh sùil air: 

Courses - UHI North, West and Hebrides