Cnoc Soilleir Phase 2 Practical Completion
Tha Cnoc Soilleir Earranta toilichte innse gu bheil an obair togail air an dàrna ìre dhen phròiseact againn ann an Dalabrog, Uibhist a Deas a-nis air a chrìochnachadh leis an togalach air a ghabhail a-null bho chompanaidh MhicAonghais Earranta.
Thuirt cathraiche bòrd stiùiridh Chnoc Soilleir Earranta, Ailig O’Henley:
“As leth bòrd stiùiridh Chnoc Soilleir, bu toil leam ar taing a thoirt dhan h-uile duine a tha air obrachadh no air cur ris an dara pàirt dhen togalach. Tha an obair chruaidh san dealas aig companaidh togail MhicAonghais Earranta gu sònraichte a’ ciallachadh gun deach againn air an talla ùr a chrìochnachadh ann an deagh àm, air buidseat ach cuideachd gu ìre fìor àrd. Tha sibh air sàr obair a dhèanamh.
“Tha Cnoc Soilleir a-nis a seasamh gu pròiseil os cionn Dhalabroig, agus mar a tha an t-ainm a toirt fa near, tha mi an dòchas gum bidh e na lòchran dhan h-uile duine aig a bheil meas air a’ Ghàidhlig, air a ceòl sa cultar - an dà chuid an seo an Uibhist a Deas agus nas fhaide air falbh - airson bliadhnaichean mòra ri thighinn. Mo bheannachd oirbh uile agus tapadh leibh.”
Tha an iomairt gus ionad sònraichte a thogail airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas air a bhith a ruidh fad sia bliadhna fichead, agus tha an togalach ùr a tairgsinn talla cluiche le dà cheud àite suidhe, stiùideo dannsa, seòmraichean deasachaidh agus siostam lèir-chlaistinn a tha suas ris an uair. Tha an leasachadh a’ leudachadh air na goireasan a th’ ann an Cnoc Soilleir mar-thà agus air na cothroman a bhios na luib dha na compàirtichean againn, Ceòlas agus UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a thuilleadh air buidhnean is daoine eile a gheibh buannachd an cois a’ ghoireas leudaichte.
Thuirt Daibhidh MacAonghais bho chompanaidh togail Mhic Aonghais Earranta:
“Tha sinn gu math moiteil an leasachadh seo a thoirt gu buil agus tha an togalach mar fhianais air dealas is obair chruaidh a h-uile duine a bha na luib. Tha a’ chlach-mhìle seo a’ comharrachadh deireadh slighe gu math fada, bho bhith a togail a’ Chiad Ìre an teas mheadhain COVID agus na duilgheadasan a bha na chois, gu bhith a’ sìneadh an togalach chrìochnaichte a-null gu Cnoc Soilleir air an 9mh latha dhen Òg-mhìos 2026. Bu chòir dhan sgioba gu lèir a bhith gu math moiteil às an obair a rinn iad.”
Tha an ath chaibideil ann an sgeulachd Chnoc Soilleir a-nis a’ tòiseachadh.
Tha Cnoc Soilleir airson ceud taing a thoirt dhan luchd-ùidhe agus an luchd-maoineachaidh againn, a thuilleadh air an sgioba nas fharsainge sa choimhearsnachd a chuir earbsa anns an lèirsinn againn ’s tha a th’air a bhith cho cudromach ann a bhith a’ toirt a’ phròiseact gu buil. Gu seachd àraid tha sinn airson taing a thoirt do Riaghaltas na h-Alba, HIE, CnES agus Bòrd na Gàidhlig, na h-ailltirean John Renshaw agus buill coimhearsnachd Uibhist a Deas.