Cnoc Soilleir a’ fosgladh, ’s £1.5m ga fhoillseachadh gus Gàidhlig a bhrosnachadh.

Chaidh Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas – ionad cultarail a tha ag obair gus ealain is cultar na Gàidhlig (a’ gabhail a-steach ceòl, cànan is dannsa) a thaisbeanadh agus a bhrosnachadh – fhosgladh gu h-oifigeil leis a’ Phrìomh Mhinistear John Swinney.

Le taic luach £7.6 millean ann bho 2017 ann an cruth maoineachaidh le Riaghaltas na h-Alba, tha Cnoc Soilleir na dhachaigh do Cheòlas Uibhist agus OGE a Tuath, an Iar is Innse Gall a tha ag obair ann an com-pàirteachas le chèile. Tha iad a’ cleachdadh an ionaid airson na gnìomhan is tachartasan aca fhèin a chur air dòigh; tha iad cuideachd a’ toirt ghoireasan do dh’fharsaingeachd de ghnìomhan san sgìre ionadail agus nas fhaide air falbh – nam measg cuirmean-ciùil, dannsa, cèilidhean, co-labhairtean, seiminearan agus tachartasan coimhearsnachd do gach aois. A bharrachd air seo, tha an t-ionad mar àite-cruinneachaidh do dh’ealain na Gàidhlig bho air feadh na h-Alba agus air an àrd-ùrlar eadar-nàiseanta.

Chaidh an t-ionad fhosgladh gu h-oifigeil fhad ’s a bha Riaghaltas na h-Alba a’ foillseachadh £1.5 millean do dh’ùghdarrasan ionadail a tha ag obair gus Sgìrean Cànain Sònraichte a stèidheachadh. Bheir am maoineachadh seo taic do chuid a dh’ùghdarrasan ionadail le bhith a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig.

Supporting Gaelic culture to thrive - gov.scot

Thuirt Lydia Rohmer, Prionnsabal agus Àrd-oifigear UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall:

“Tha crìochnachadh an leudachaidh a’ sònrachadh clach-mhìle chudromach ann an leasachadh Chnoc Soilleir agus tha e a’ riochdachadh dealas do àm ri teachd na Gàidhlig, a cultair, a foghlam, agus seasmhachd na coimhearsnachd ann an Uibhist.

“Mar chom-pàirtiche stèidheachaidh, tha UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall moiteil anns a’ phàirt a tha sinn air a chliuich gus cuideachadh ann a bhith a’ toirt an t-sealladh seo gu buil, agus às gach nì a chaidh a choileanadh tron chom-pàirteachas gu ruige seo. Tha na goireasan ùra a’ cruthachadh cothroman mìorbhaileach foghlam, cruthachadh, rannsachadh, cuirmean agus com-pàirteachas coimhearsnachd a leudachadh, agus aig an aon àm àite Chnoc Soilleir a neartachadh mar ionad cudromach nàiseanta a tha freumhaichte ann an cànan, cultar agus dualchas nan eilean.

“Tha sinn a’ coimhead air adhart a bhith ag obrachadh còmhla ri Ceòlas, ri com-pàirtichean eile agus ris a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd gus dèanamh cinnteach gum bi na goireasan seo agus na cothroman a tha iad a’ tabhann air an cleachdadh gu mòr airson math Uibhist, nan Eilean Siar, agus na Gàidhealtachd is nan Eilean san fharsaingeachd, ’s Cnoc Soilleir a’ gluasad dhan chaibideil ùr inntinneach seo.”