Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE

Course code Q506

What is special about this course?

Tha an Dioplòma Foghlam Àrd-ìre ann an Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte na chùrsa mhath airson adhartas gu ar prògraman ceuma Gàidhlig:       

Gabhaidh tu modalan bho na prògraman ceuma Gàidhlig agus thig do chomas sa Ghàidhlig air adhart, a' toirt cothrom dhut fàgail le Dioplòma Àrd-ìre no a dhol air adhart gu tuilleadh ionnsachaidh tro sgeama na Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte.   

Gheibh thu taic is stiùireadh bho sgioba a' chùrsa airson dèanamh cinnteach gum bi na modalan a thaghas tu freagarrach airson adhartas chun na h-ath ìre ma 's e sin a bhios tu ag iarraidh. 

Special features

  • Bogadh ann an Gàidhlig
  • Slighe gu Prògraman Ceuma Gàidhlig
  • Clasaichean Aghaidh-ri-Aghaidh aig làraich bhreagha sna h-eileananan
  • Cothroman sùbailteach eile airson lìbhrigeadh air-loidhne
  • Ionnsaich bho oidean a tha nan eòlaichean nan cuspairean

Entry requirements

  • 3 Àrd-ìrean Albannach aig BBC no nas àirde; bhiodh e na bhuannachd nam biodh Gàidhlig Àrd-ìre (fileantaich) no Gàidhlig (luchd-ionnsachaidh) aig B nam measg NO
  • 2 A level aig BC no nas àirde
  • Thèid beachdachadh air iarrtasan bho thagraichean, le uidheamachd no eòlas eile, fa-leth
  • Bidh agallamh agad airson do sgilean Gàidhlig a mheasadh a thaobh àite fhaighinn air a' chùrsa iomchaidh sa chiad bhliadhna
  • Seo cùrsa Category 2 PVG far a bheil PVG a dhìth airson modal sònraichte, ma tha seo a' gabhail a-steach obair le buidhnean so-leònte, ach tha e comasach am modal a choileanadh às aonais seo. Thoir sùil air an duilleag-lìn PVG againn airson tuileadh fiosrachaidh
  • Chan eil an cùrsa seo a' gabhail iarrtasan airson inntrigeadh aig àm eile, nas fhaide air adhart; ma tha thu ag iarraidh gabhail bliadhna a-mach, faodaidh tu iarrtas a chur a-steach an ath bhliadhna

Year 1 - CertHE

S e bliadhna chànain a th' anns a' chiad bhliadhna agus, a rèir do chomasan cànain, faodaidh tu dèanamh:

Gheibh thu cothrom greis gnìomhachais, ann an àrainneachd Ghàidhlig, a dhèanamh ma tha thu air a' Chùrsa Chomais no Gàidhlig agus Conaltradh.

Year 2 - DipHE

Tha na cuspairean a' gabhail a-steach:   

  • Ainm-eòlas na h-Alba
  • An Sgeulachd Ghoirid
  • Bàrdachd bho 1900
  • Beul-aithris
  • Cànan, Cultar is Cinnidheachd
  • Gàidhlig 2

How will I study my course?

  • Làn-uine
  • Pàirt-uine (le structar)
  • Pàirt-ùine (gun structar)
  • Ionnsaichidh tu tro chlasaichean aghaidh-ri-aghaidh no chlasaichean air-loidhne agus an àrainneachd ionnsachaidh air-loidhne (Brightspace)

How long will my course last?

  • Làn-ùine: 2 bhliadhna @ 40 uair gach seachdain           
  • Pàirt-ùine (le structar): 4 bliadhna @ 20 uair gach seachdain    
  • Pàirt-ùine (gun structar): suas ri 5 bliadhna          

Tha an àireamh de dh'uairean san t-seachdain a' ciallachadh na h-uairean iomlan a bu chòir dhut a chur seachad air a' chùrsa, a' gabhail a-steach ùine ann an òraidean agus ionnsachadh is rannsachadh air do cheann fhèin.

Where can I study my course?

  • A Tuath, an Iar is Innse Gall
  • Sabhal Mòr Ostaig

Start date

  • An t-Sultain
  • Am Faoilleach

Fees

Find out more about fees, fee waivers and funding options.

Funding

Tha diofar sgoilearachdan, bhursaraidhean is thahbrtasan aig UHI rim a tha fosgailte gu oileanaich ùra is oileanaich eile. Thoir sùil air A-Z maoin airgid no criathraich airson faicinn de na maoin as iomchaidh dhut fhèin.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air maoineachadh airson do chuid ionnsachaidh; thoir sùil air a cheangal an cois seo no cuir fios chun na colaiste.

What can I do on completion of my course?

An uair a tha thu air crìoch a chur air a' chùrsa gu soirhbeachail dh'fhaodadh tu smaoineachadh air dreuchdan anns na raointean a leanas:         

  • Teagasg
  • Ceòl
  • Na Meadhanan Gàidhlig
  • Leasachadh na Gàidhlig

Can I progress into further study?

Dh'fhaodadh tu gluasad air adhart bhon DipHE Gàidhlig is Cuspairean Co-cheangailte gu:

Is there more information available online?

QR Code - scan to visit course page

You can use the above QR code to connect directly to the course details.

Cuir a-steach airson Gàidhlig agus Cuspairean Co-cheangailte DipHE

Tha mi airson tòiseachadh Lùn/Sult 2024 no Faoi/Gear 2025

Tha sinn air leth toilichte gu bheil thu a' beachdachadh air ionnsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha siostam inntrigidh UHI cothromach is fosgailte agus sinn dealasach a bhith a' tairgsinn co-ionannachd cothruim is a' seachnadh leth-bhreith. Bidh gach tagradh air a mheas a rèir airidheachd agus comas coileanaidh, gun leth-bhreith a thaobh gnè, aois, ciorraim, cinnidh no suidheachaidh shòiseo-eaconamaich. Bidh sinn a' cur fàilte air iarrtasan bho gach uile duine a tha ag iarraidh bhith na oileanach leinn agus tha e na amas againn seirbheisean iomchaidh is èifeachdach a thabhann do oileanaich le ciorraman.